Cothram
Soirbheachaidh
Tha Innse Gall a' mealtainn
sàr bhunstructar còmhdhail is conaltraidh a tha gar toirt bho oir
Bhreatainn gu teis-meadhain na h-Eòrpa.
Tha soirbhis adhair, a
chaidh a leudachadh o chionn ghoirid, a' frithealadh eadar na h-eileanan
agus tìr-mòr Bhreatainn - tha tursan trice a-nis a' ceangal Dhuin
Eideann cho math ri Glaschu is Inbhir Nis ri Steòrnabhagh, Beinn
na Fadhla is Barraigh le seirbhis cuideachd eadar na trì àiteachan
sin. Ruigear Lunnainn à Steòrnabhagh an trì uairean a th'ide le
plèan
Tha aiseagan le ùr-ghoireasan
airson charbaidean is luchd siubhail a' ruith eadar na h-eileanan
agus gu Ulapul, Uig is an t-Oban air tìr mòr. Ged a bheir na tursan
sin beagan nas fhaide na tursan adhair, is math as fhiach na seallaidhean
a tha mun cuairt fhaicinn.
Tha drochaidean is cabhsairean
a' ceangal nan eilean agus, mar thoradh air na chosgadh air leasachadh
rathaidean air na h-eileanan, tha siubhal gu math nas luaithe -
is ann ainneamh a tha còmhdhail ro dhùmhail air na rathaidean an
seo agus tha siubhal cho rèidh 's a tha na seallaidhean eireachdail.
Gluaisidh an siostam còmhdhail
againn luchd siubhail air ais 's air adhart is air feadh nan eilean
ann am beagan uairean, ach airson tursan nas giorra na mionaid,
tha cian-chonaltradh nan eilean cho math 's a tha ann.
Tha sinne a' dèanamh adhartais
an cois an teicneòlais - tha am bun-structar diodsaideach againn
a tha a' sìor leasachadh ag atharrachadh dòigh beatha nan eilean
gu tur, a' fosgladh shaoghal ùra le cothrom an gnìomhachas, foghlam
agus sa choimhearsnachd.
Tha buidhnean leasachaidh
nan sgìrean ag obair an co-roinn gus am bi na h-eileanan nas fhèarr
is nas toraiche mar àitean còmhnaidh is obrach. Eaconamaidh a' còmhdach
iomadh raon far a bheil gnè beatha is gnè cothroim co-ionnan
|