home

Saorsa analach

Tha dòigh beatha air leth an Innse Gall. Chan e mhàin eireachdas nàdarra an àite, no am pailteas de dh'àile ùrail; no mhàin am mothachadh air sìth is sàbhailteachd, no càirdeas is deagh ghean nan daoine; chan e faireachadh drùidhteach eachdraidh no cultar beothail an latha 'n diugh. Tha na buadhan seo uile ann agus còrr.

Tha na h-eileanaich a' mealtainn gach sochair as fhèarr a tha ri fhaighinn. Tha àrd ìre againn am foghlam is trèanadh, brod na seirbhis slàinte agus caochladh de dhachaighean snasail aig prìsean air an ruig daoine. Tha deagh thaghadh againn de thaighean-òsda is taighean bidhe a' tabhann ùr thoradh na sgìre agus tha sreath lìonmhor de dh'ionadan ealain a' tairgsinn iomadh seòrsa fearas-chuideachd. Tha gu leòr ghoireasan spòrs ann agus tha an àrain-neachd nàdarra àraidh againn a' toirt chothroman gun àireamh airson chur-seachadana- muigh - iasgach bhradan, marcachd-tuinne, faire leumadairean-mara is eile.Tha an aimsir againn iongantach tlàth agus a dh'aindeoin a bhith 1300 cilemeatair tuath air Lunnainn, 's e an aon ìre blàiths a tha àbhaisteach dhuinn.

A' còmhnaidh sna h-eileanan tha mothachadh coimhearsnachd a' tilleadh thugad. Chan e idir ailtearachd uasal no àrainneachd fhasanta a nì coimh-earsnachd cneasda ach an gnè beatha a tha aig a daoine - agus anns an fhìor sheadh sin, tha Innse Gall air fear dhe na h-àitean as cneasda air thalamh.

 


ENGLISH

Doigh-siubhal | Eòlas | Sèol-beatha | Tìr | Beul-aithris | Dualchas | Download | Contact

©Western Isles Marketing Group 2001
Site maintained by ReefNet