home

Dualchas ri roinn

Tha eachdraidh tuineachaidh sna h-eileanan a' dol air ais mu 6000 bli-adhna. Bho Linn na Cloiche gu deireadh smachd nan Lochlannach agus toiseach na h-eaglaise Chrìosdail, tha dìleab phrìseil againn fhathast de dh'fhianais arceòlais - gu sònraichte Clachan Chalanais agus fir-tàilisg iomraiteach Leòdhais bhon dàrna lìnn deug.

Tha an t-ainm Innse Gall a' dol air ais 1200 bliadhna agus, leithid mòran de dh'ainmean àitean sna h-eileanan, tha a fhreumhan san t-Seann Lochlannais, a' chànain a bha aig na Lochlannaich. Canar cuideachd Na h-Eileanan Siar ris an t-sreath de 12 eilean sam bheil sluagh a' còmhnaidh.

Tha ar n-eachdraidh o chionn ghoirid a cheart cho comharraichte sa bha ar làithean bho shean, agus bho Fhuadach nan Gàidheal gu creach an fhear-ainn sna deich bliadhna bho 1920 tha dlùth cheangal aice ri cùisean seilbh fearainn is croitearachd. Ged a tha tèarainteachd còir-fearainn a-nis aig a' mhòr-chuid dhe na h-eileanaich, dh'fhaodadh atharrachadh tighinn an croitearachd fhathast rilìnn ghluasadan o chionn ghoirid a dh'ionnsaigh coimhearsnachdan a bhith faighinn còir air fearann.

Tha Innse Gall, a tha o chionn fada air fhaicinn mar chridhe na Gàidhlig, a-nis,mar gum bitheadh, a' toirt aoigheachd do char de dh'ath-bheothachadh an cultar nan Ceilteach. A dh'aindeoin dà cheud bliadhna de dhearmad tha a' Ghàidhlig fhathast a' fàs is tha mu 69% de shluagh na coimhearsnachd ga bruidhinn an ceartuair.

An-diugh tha na h-eileanan nan dachaigh aig measgadh beothail de thàlan-tan dualchasach is co-aimsireil an ceòl, dannsadh, cleasachd agus na h-ealain lèirsinneach. Bho thaisbeanaidhean beaga gu Fèis Ciùil Cheilteach Innse Gall le cliù eadar-nàiseanta, tha cultar sna h-eileanan a' sìor shoirbheachadh.


ENGLISH

Doigh-siubhal | Eòlas | Sèol-beatha | Tìr | Beul-aithris | Dualchas | Download | Contact

©Western Isles Marketing Group 2001
Site maintained by ReefNet