Comas coilionaidh
Tha na daoine air seilbh
cho prìseil 's a tha aig Innse Gall - sluagh mu 29,000 le cànain
is cultar sònraichte dhuinn fhèin agus gnè cho saidhbhir, eug-samhail
ri ar dùthaich.
Faodaidh na h-eileanan
uaill a dhèanamh às an àrd ìre foghlaim is trèanaidh èifeachdaich
a tha iad a' cur air adhart.
Tha sgilean dualchasach
an croitearachd, iasgach is stuth aodaich fhathast nam prìomh phàirt
dhen eaconamaidh, ach an taic riutha tha sgilean ùra ag adhartachadh
chothroman an turasachd, sna meadhanan, am bith-cheimigeachd is
an lorg ola.
Ach is dòcha gur ann
ri linn an leudachaidh air teicneòlas cian-chonaltraidh a tha an
t-atharrachadh as comharraichte air tighinn. Tha seo air taghadh
de chothroman sàr chosnaidh a thoirt gu daoine agus air dòigh ùr
obrach fhosgladh a tha a' cur às do mhòran dhe na duilgheadasan
a tha astar ag adhbharachadh ann an coimhearsnachd iomallaich.
`S e an tur atharrachadh
socair seo cian-obair. Air falbh o dheuchainn beatha a' bhaile ach
fhathast a' gabhail compàirt na mhalairt, tha barrachd is barrachd
dhaoine saor gu bhith fuireach sna h-eileanan seo le cothrom fhathast
an tàlantan a chur fa chomhair an t-saoghail. Tha clàr de sgilean
teicneòlais aig àrd ìre sna sgìrean a nis a' cumail cunntais air
raon farsaing de dh'ealantas - bho ùghdarrachd teicnigeach is leasachadh
bathair bhog gu cian-mhargaidheachd is tionnsgnadh dealbhach.
|