home

Rum airson fàs

Ma tha aon nì an Innse Gall am pailteas, 's e rum airson fàs. An seo tha farsainneachd airson fàs is leasachadh gu pearsanta is gu proifeiseanta.

Le rum gu leòr sam fàs clann, 's e àite sàbhailte a tha sna h-eileanan air-son teaghlach a thogail. Tha goireasan foghlaim is chur-seachadan air leth math, tha na prìomh eileanan uile a' tairgsinn foghlaim chun na 6mh bliadhna agus tha teicneòlas diodsaideach a' sìor leudachadh chothroman oideachaidh tro Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Aite san soirbhich coimhearsnachdan. Tha e doirbh bàrr a thoirt air taigheadas prìbheideach an seo a thaobh roghainnean eadar-dhealaichte, gnè is cothrom ceannaich aig prìsean so-ruigsinn; tha dachaighean ann a fhreagras iomadh càil agus gheibhear tabhartasan airson pròiseactan togail no ùrachaidh. Co dhiubh roghnaicheas tu fuireach faisg air mòintich no tràigh, an sonas dùthchail no am fìnealtachd a' bhaile tha do chead agad an tèarainteachd is am fois - tha seo fhathast na àite far am faigh thu fàilte bhlàth is dorsan fosgailte.

Cothrom soirbheachaidh do ghnìomhachasan. Tha fìor dheagh earras malairteach sna h-eileanan. Coinnichidh ar pàircean is raointean gnìomhachais ris a' mhòr-chuid de dh'fheuman gnìomhachais agus gheibhear taic ionmhais airson pròiseactan thogalach ùra. Tha barrachd is barrachd ghnìomhachasan a' mothachadh dha na comasan farsaing leasachaidh a tha sna h-eileanan agus tha mòran a' taghadh an obair mhalairteach a shuid-heachadh an seo.


ENGLISH

Doigh-siubhal | Eòlas | Sèol-beatha | Tìr | Beul-aithris | Dualchas | Download | Contact

©Western Isles Marketing Group 2001
Site maintained by ReefNet