Inbhe soirbheachaidh
Tha Innse Gall ainmeil
airson gnìomhachas a' Chlò Hearaich. Air fhighe le obair-làimhe
sna h-Eileanan, tha an clò air cliù a chosnadh airson a ghnè is
a mhaise, agus ri lìnn nochdadh air àrd-ùrlair fasain am Paris is
an Lunnainn, tha iarrtas cunbhalach eadar-nàiseanta air.
Is fhada bho bha croitearachd,
mar dhòigh beatha seach siostam àiteachais, na bhunstèidh do bheatha
nan eilean. Ged a tha a' mhòr-chuid dhe na 6000 croitean gan obrachadh
pàirt-ùine, tha iad a' cur gu mòr ri cruth eaconamach is sòisealta
an àite, agus tha iad a' riochdachadh siostam àiteachais sa bheil
ceartas neartmhor agus a bhios buan a thaobh àrainneachd.
Is e prìomh ghnìomhachas
a tha san iasgach cuideachd sna h-eileanan, a' toirt bidhe ùr gu
taighean-òsda is bidhe na sgìre a fhreagairt feuman an luchd turais
a tha a' sìor fhàs lìonmhor. Tha mòran de thoradh na mara ga chur
a null dhan Roinn Eòrpa, glè thric mus ruith 24 uairean an dèidh
a ghlacadh.
Còmhla ri dualchas croitearachd,
iasgach is clò, tha gnìomhachasan ùra gan leasachadh agus tha an
leudachadh an teicneòlas cian-chonaltraidh a' nochdadh chothroman
nach d' fhuaras riamh roimhe. Tha piseach air tighinn air turasachd
a tha a-nis na phrìomh chothrom airgead a dhèanamh sa choimhearsnachd.
Tha Tuathanas Eisg a' cosnadh cliù le sàr mhaorach do mhargaidean
aig an taigh agus thall thairis. Tha cothrom aig rannsachadh leigheasail,
leasachadh bathair bhog, obair thogalach, cèairdean agus na mead-hanan
uile cuideachd pàirt a ghabhail ann an leudachadh raointean eacona-maidh
nan eilean.
|